Faigh cothrom air d’ obair ann an àrainneachd a chaidh a dhealbhadh airson a bhith sùbailte.
An robh fhios agad?
Co-theannaich
Tha Microsoft 365 a’ gabhail a-staigh nan aplacaidean as aithne dhut mar Word, Excel, PowerPoint, Outlook, Teams agus OneDrive agus a bharrachd air sin àrainneachdan Copilot a chuidicheas tu le bhith a’ lorg is a’ cruthachadh stuth, a’ dèanamh geàrr-chunntasan is a’ coileanadh d’ obair ge be càit. Le cunntas Microsoft, gheibh thu cothrom air Word, Excel agus PowerPoint sa bhrabhsair agad saor ’s an-asgaidh. Mas e an tionndadh desktop a tha a dhìth ort, barrachd stòrais is gleusan premium eile, feuch planaichean Microsoft 365.
Leudaich
Bheir Microsoft 365 Copilot Chat cruinn co-theacsa d’ obrach ann an còmhradh nàdarra, gad chuideachadh le bhith a’ tuigsinn nam prìomhachasan, a’ dèiligeadh ri rudan a dh’fhairtlich ort, a’ dèanamh soilleir los, a’ rùrachadh dòighean eile agus a’ co-dhùnadh dè an ath-cheum gun a bhith a’ briseadh a-steach air an t-sruth.
Leudaich
Bheir Microsoft Copilot cruinn àrainneachdan d’ obrach is an fheadhainn phearsanta san aon àite ach gan cumail fa leth fhathast. Cha tèid d’ obair am measg an stuth phearsanta agad, a’ cumail dàta, cabadaich, faidhlichean is gleusan dìon a’ bhuidhinn agad fa leth on àrainneachd Copilot phearsanta agad.
Leudaich
Chaidh Copilot a dhealbhadh le tèarainteachd, prìobhaideachd is gèilleadh na chridhe. Gèillidh e ris na ceadan is gleusan dìon enterprise a tha an sàs mar-thà, a’ dìon na susbainte, nan cunntasan is a’ cho-obrachaidh agad nad obair.
Leudaich
Cha fhreagair Copilot ach ma cho-dhùineas tusa a chleachdadh. Thu fhèin a cho-dhùineas cuin agus ciamar a chleachdas tu gleusan AI agus bidh na roghainnean prìobhaideachd is tèarainteachd a th’ agad an-dràsta an sàs fhathast.