Gineadair dhealbhan AI
Dèan dealbhan de theacsa – sa bhad. Le Copilot am broinn Microsoft 365, is urrainn dhut stuth lèirsinneach a chruthachadh de chainnt nàdarra dìreach far a bheil thu ag obair.
Gin dealbhan ann an Copilot Chat
Carson a dhèanainn dealbhan ann an Copilot?
Tòisich le teamplaidean nam brodaidhean
San earrann chruthachaidh tha brodaidhean as urrainn dhut cleachdadh mar a tha iad airson ’s gum faic thu mar a dh’obraicheas gintinn dhealbhan – fiù mur am faca tu e roimhe idir. Mìnich na tha fa near dhut is nì Copilot an còrr.
Faigh stuthan lèirsinneach nas fheàrr tro chabadaich
Cleachd cabadaich Copilot airson an dealbh a chur air gleus no an stoidhle, an co-chur atharrachadh no eug-samhailean dheth fhaighinn. ’S e gleus co-chruthachaidh a th’ ann a bheir comas dhut co-obrachadh le ghineadair dhealbhan AI.
Gabh tlachd ann an sàr-thoraidhean
Cleachdaidh Copilot na modailean as ùire airson dealbhan nas gèire agus nas pongaile airson ’s gum bi coltas gleansach proifeiseanta orra on fhìor-thoiseach.
Trì rudan a bheir dhut dealbhan AI le buaidh mhòr
Gliocas #1: Bi mionaideach mu na tha fa near dhut
Mar as pongaile ’s a bhios an tuairisgeul a bheir thu seachad, ’s ann as fheàrr a bhios an rud a nì AI dhut. Smaoinich mun fhonn, na datha, an t-ùrlar is rudan cudromach eile mar stoidhle na h-ealain no màthair-bhrosnachaidh an deilbh agad.
Gliocas #2: Smaoinich mun cho-chur
Leasaich an sgeulachd agad le frèamadh mar cheàrn a’ chamara, suidheachadh a’ chuspair agus rangachd lèirsinneach. Bidh buaidh aig na ciuthan seo air an fhonn, ge be fonn mar ann an taigh-dhealbh a tha a dhìth ort no co-dhealbhachd ghlan mhinimeileach.
Gliocas #3: Dèan grinneachadh is probhadh
Mur eil a’ chiad rud a gheibh thu a rèir na bha nad inntinn, cuir am brodadh air gleus is feuch ris a-rithist. Feuch diofar rudan san tuairisgeul – ùrlaran eadar-dhealaichte, diofar stoidhlean no eileamaidean sònraichte a chuireas an dealbh agad air gleus.